Gura mise tha fo éislean
Moch sa mhaduinn is mi 'g éirigh
Sèist:
Ò hì shiùbhlainn leat
Hì ri bhò hò ru bhì
Hì ri bhò hò rinn o ho
Ailein Duinn, ò hì shiubhlainn leat
Ma 's e 'n cluasag dhut a' ghaineamh
Ma 's e leabaidh dhut an fheamainn
Ma 's e 'n t-iasg do choinnlean geala
Ma 's e na ròin do luchd-faire
Dh'òlainn deoch ge b' oil le càch e
De dh'fhuil do choim 's tu 'n déidh do bhathadh
- 专辑:To the Moon
- 歌手:Capercaillie
- 歌曲:Ailein Duinn